Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Eilidh Mackenzie > Eideadh Na Sgeulachd > Oran Balaich Eoghainn
|
Oran Balaich Eoghainn |
| Credits : | Traditional; arranged by Eilidh Mackenzie |
| Appears On : | Eideadh Na Sgeulachd |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| O 's ann tha mo ghaol a' chlann | Oh how I love my children |
| Nach till thugam a-chaoidh a-nall | Who will never come back here to me |
| 'S e dh'fhàg mo chridhe-sa cho trom | What has left my heart so heavy |
| Mar a bhios a' chlann air m'aire | Is the way my children are on my mind |
| O 's ann tha mo ghaol a' chlann | Oh how I love my children |
| 'S beag mo shunnd ris a' chuir-suas | I have no heart for the seaweed work |
| Chan ann air a tha mo smuain | It is not what is in my thoughts |
| Nuair nach d'fhuair mi mo dhà luaidh | When I have not found my two loved ones |
| Gus an cur an uaigh 's an anart | To lay there in a grave, in shrouds |
| O 's ann tha mo ghaol a' chlann | Oh how I love my children |
| Thug mi sgrìob a mach an dé | I took a walk outside yesterday |
| 'S fhuair mi saighead a bha geur | And what I found pierced my heart |
| Falmadair a bh'agaibh fhéin | The tiller that was yours |
| 'S ann a thréig e sibh dh'ur n-aindeoin | It gave way for all you could do |
| O 's ann tha mo ghaol a' chlann | Oh how I love my children |
| Gura mise th'air mo leòn | I am heartbroken |
| Mu Iain, an gille còrr | Over John, my kind son |
| Nuair a shuidheadh tu mu'n bhòrd | When you sat around the table |
| 'S tu nach sòbhradh oirnn an dràma | You would not stint on a dram |